Join
A view looking along a deep, woodland gorge towards a waterfall. A suspension bridge spans the gorge above the waterfall.
The Highlands

TEÀRMANN NÀDAIR NÀISEANTA CHOIRE SHALACH

Leugh anns a: English

Mun àite seo

Coisich thairis air an drochaid-chrochaidh, agus Abhainn Droma a’ sruthadh tron mhòr-ghil foidhpe.

  • Theirig tarsaing air an drochaid-chrochaidh agus faic seallaidhean mìorbhaileach de dh'Easan na Miasaich a’ sruthadh do thè de na mòr-ghil as iongantaiche ann am Breatainn.
  • Lean na ceuman-coiseachd tron choille gus deagh sheallaidhean fhaighinn den sgìre timcheall.
  • Cùm sùil a-mach airson nan diofar ghnèithean rainteach a tha a’ fàs ann am meanbh-ghnàth-shìde na mòr-ghil.
  • ÙR airson 2023! Tha Ionad Slighe gu Nàdar, Coire Shalach, a-nis fosgailte, le goireasan ùra, a’ gabhail a-steach taighean-beaga, goireasan teàirrdseadh chàraichean agus cafaidh far am faighear biadh ri thoirt air falbh.

’S e Coire Shalach an t-ainm a th’ air a’ clais-mhòir seo a tha mìle a dh’fhaid agus tro bheil Abhainn Droma a’ ruith. Tha an t-ainm a’ ciallachadh lag a tha truaillidh, truaillte, lobhte no grànda. Ach chan eil an t-ainm uamhasach ceart.

Tha Coire Shalach air aon de na mòr-ghil as iongantaiche de a sheòrsa ann am Breatainn agus tha i a’ toirt fianais shoilleir dhuinn air mar a chruthaicheas uisge-leaghaidh bho eigh-shruthan mòr-ghilean domhainn. Dìreach dràibh ghoirid bho Ullapul agus dìreach uair a thìde bho Inbhir Nis, is e seo an t-àite as fheàrr airson fìor dheagh chuairt teaghlaich!

Bheir ceum-coiseachd goirid cas thu gu drochaid-chrochaidh Bhictorianach, far am faigh thu sealladh sìos air sreath de dh’easan beothail.

Tha inbhe aig Coire Shalach mar Thèarmann Nàdair Nàiseanta mar chomharra air a’ mhòr-ghil dhreachmhor agus air a’ choille mun cuairt. Tha i cuideachd na dachaigh do ghnè shònraichte de bhreabadair a tha tearc gu nàiseanta, a tha a’ dèanamh gu math ann am fiodh tais a tha air grodadh ann an ceàrnaidhean dubharach.

Seall barrachd

Na h-uairean-fosglaidh an-diugh

Coire Shalach
Open daily
Ionad agus Cafaidh Slighe gu Nàdar
9.30–16.00 (car park locked 17.00)

Prìs inntrigidh

Adult
Free
Family
Free
One adult family
Free
Concession
Free
Car park
£5.00
Faic na prìsean inntrigidh uile

Ballrachd

Tha inntrigeadh an-asgaidh do na buill uile

Ballrachd bho £5.55 / Mìos

Rangachadh Tripadvisor

Barrantasan agus duaisean

Am fiosrachadh as ùire

An robh fios agad?

Gheibh sreapadairean mòr-ghil a-steach do cheàrnaidhean nach fhaicear ann an suirbhidhean àbhaisteach - bidh iad gar cuideachadh gus gnèithean ionnsaigheach fhaicinn anns a’ mhòr-ghil nach fhaiceadh duine sam bith eile!

Volunteering

Find a volunteering opportunity with the Trust.

Volunteering