There has been a significant landslide on the slopes of Conachair, and we ask visitors to avoid that area. Please see our Planning your Visit page for more details.
Mun àite seo
Tha faileasean an àma a dh’fhalbh nan laighe air na h-eileanan seo, far a bheil na colanaidhean as motha de bhuthaidean san RA.
- Seo an t-aon Làrach Dualchas na Cruinne dùbailte aig UNESCO san RA, agus tha i air aon de dìreach 39 dhiubh sin san t-saoghal.
- Tha Hiort na dhachaigh do cha mhòr millean eun-mara, a’ gabhail a-steach a’ cholonaidh as motha de bhuthaidean.
- Chaidh an t-eilean a thrèigsinn air 29 Lùnastal 1930 nuair a bhòt na 36 eileanaich mu dheireadh gus fàgail a chionn ’s nach robh an dòigh-beatha aca seasmhach tuilleadh.
- Tha an dreathan-donn sònraichte aige fhèin aig Hiort, a bharrachd air fo-ghnè luchaig a tha a dhà uimhir cho mòr ris an luchaig-fheòir Bhreatannaich.
Chan eil àite sam bith eile ann a tha coltach ri Hiort. A’ tighinn a-mach à uisgeachan stoirmeil a’ Chuain Siar, tha na bearraidhean agus na stacan mara aige air an cuairteachadh leis a’ ghlaodhadh aig na ceudan de mhìltean de dh’eòin-mhara.
Tha Hiort air aithneachadh gu h-eadar-nàiseanta airson a chuid eunlaith ach tha e a cheart cho ainmeil airson eachdraidh a shluaigh. Bha coimhearsnachdan an seo fad co-dhiù 4,000 bliadhna, a’ dèanamh feum de na colanaidhean mòra de shùlairean, fulmairean agus buthaidean airson biadh, itean agus ola.
Dh’fhàg na 36 eileanaich mu dheireadh an t-eilean ann an 1930. Ged nach eil sluagh ann tuilleadh, is urrainn do luchd-tadhail siubhal do na h-eileanan air ‘oir an t-saoghail’ airson turas do bheatha ma tha iad treun gu leòr gus an aimsir fhulang.
Prìs inntrigidh
- Adult
- Free
- Family
- Free
- One adult family
- Free
- Concession
- Free
Bàrr-phuing
An robh fios agad?
Bhiodh na Hiortaich ag ithe bhuthaidean mar ghreim bìdh dìreach mar a dh’itheamaid pacaid criosps!