Join

Obair glèidhteachais

Thug 5mh Marcais Bhòid Hiort do dh’Urras Nàiseanta na h-Alba mar dhìleab ann an 1957. Chaidh a chomharrachadh mar Tèarmann Nàdair Nàiseanta air an aon bhliadhna.

Tha Hiort a-nis air aon de na 43 Teàrmainn Nàdair Nàiseanta ann an Alba. A bharrachd air na colonaidhean eòin-mhara cudromach, na caoraich, luchagan-feòir agus an dreathan-donn sònraichte, tha beartas de bheatha mara timcheall air na h-eileanan. ’S e dleastanas nan Tèarmann Nàdair Nàiseanta a bhith a’ glèidheadh nam feartan seo, cho math ri cùisean luibh-eòlach, geòlach, àrc-eòlach agus cultarail, agus cuideachd gus deagh riaghladh, rannsachadh agus tlachd poblach a bhrosnachadh.

Tha Hiort air iomadh aithneachadh nàiseanta agus eadar-nàiseanta fhaighinn mar thoradh air a dhualchas nàdarra agus cultarach air leth.

Ann an 1986 chaidh Hiort a chomharrachadh le UNESCO mar a’ chiad Làrach Dualchas na Cruinne ann an Alba, a’ cur dleastanas eadar-nàiseanta air an Urras dèanamh cinnteach gu bheil dualchas nàdarra nan eilean air a dhìon agus air a ghleidheadh. Chaidh seo a leudachadh ann an 2004 gus an àrainneachd mara timcheall air Hiort a thoirt a-steach, agus ann an 2005 chaidh inbhe Làrach Dualchas na Cruinne a thoirt do Hiort airson a chudromachd nàdarra agus cultarach.

An-diugh, bidh Urras Nàiseanta na h-Alba, Dualchas Nàdair na h-Alba agus Ministrealachd an Dìon ag obair ann an com-pàirteachas gus prògram glèidhteachais is rannsachaidh leantainneach a thoirt air adhart air na h-eileanan agus gus dèanamh cinnteach gun tèid an Làrach Dualchas na Cruinne seo a dhìon agus gun tèid coimhead às a dèidh.

Download

Download a copy of the St Kilda World Heritage Site Management Plan 2022–2032 (in English)

Download

Download a copy of the St Kilda World Heritage Site Management Plan 2022–2032 (in Gaelic)