Join
3 red flags stand in a line on a grassy Culloden Battlefield. The sky is grey and heavy. In the distance the memorial cairn can just be made out.
The Highlands

CÙIL LODAIR

Blàr Chùil Lodair

Chaidh cùrsa eachdraidh Bhreatainn, na h-Eòrpa agus an t-saoghail atharrachadh ann an Cùil Lodair air 16 Giblean 1746. Bha cogadh fuilteach air tighinn a dh’Alba, a rinn sgaradh ann an teaghlaichean agus a chuir cinneadh an aghaidh cinneadh.

B’ ann an seo a chuir arm nan Seumasach an cath mu dheireadh aca gus righ-chathair Bhreatainn a thoirt bho na Hanobharaich agus air ais do rìgh Stiùbhartach. Bha na Seumasaich a’ sabaid gus Seumas VIII, a bha air fhògradh, a thoirt air ais mar rìgh agus bha iad air an stiùireadh leis a’ Phrionnsa Teàrlach Èideard Stiùbhart, mac Sheumais; bha arm riaghaltais Deòrsa II (air a stiùireadh le Diùc Chumberland, mac Dheòirse) a cheart cho daingeann gun cuireadh iad stad air seo.

Bha ar-a-mach nan Seumasach ann an trioblaid as t-earrach 1746. Dh’atharraich fortan nan Seumasach leis a’ cho-dhùnadh aca tilleadh gu tuath bho Derby, an àite a bhith a’ dol air adhart a Lunnainn. Ged a thug iad buaidh aig Blàr na h-Eaglais Brice san Fhaoilleach, cha robh na Seumasaich air togail air a’ bhuaidh seo. A-nis bha Teàrlach a’ dol a choinneachadh ri saighdearan Diùc Chumberland air a’ Ghàidhealtachd, gus stad a chur orra bho bhith a’ gabhail Inbhir Nis. Ach bha tòrr de na saighdearan Seumasach fhathast fada bho Inbhir Nis agus chaidh fios a chur orra gu h-èiginneach airson a dhol cuide ris a’ Phrionnsa. Bha biadh is airgead gann agus cha robh an t-arm aig a làn chumhachd - cha robh mòran de na comanndairean den bheachd gum b’ urrainn dhaibh blàr a bhuannachadh san stàit seo.

An robh fhios agad?

Bha saighdearan nan Seumasach air cuibhreannan de 3 briosgaidean a-mhàin gach latha.

Eu-coltach ri seo, choisich saighdearan Chumberland bho Obar Dheathain ann an deagh òrdugh. Bha iad a’ tighinn na b’ fhaisge air arm nan Seumasach airson a’ bhlàir a bu chudromaiche. Bha deagh mhisneachd aca a’ campachadh ann an Inbhir Narann air 15 Giblean, an 25mh co-latha-breith aig Cumberland. Thug e cuibhreannan agus deoch a bharrachd do na saighdearan gus seo a chomharrachadh.

Air sgàth cho lag ’s a bha iad agus an èiginn san robh iad, an àite an cath a bha iad an dùil a chur dh’aontaich na Seumasaich ri plana deireannach: ionnsaigh tron oidhche gun fhios. Dh’fhaodadh seo a bhith na ro-innleachd shoirbheachail: nam biodh na saighdearan dearga nan cadal cha bhiodh eagal do na Seumasaich. Ach, bha arm nan Seumasach a’ call an casan san dorchadas, bha adhartas ro shlaodach agus bha aca ri tionndadh air ais.

Aig briseadh an latha, cha robh cinnt fhathast gum biodh sabaid ann Fiù ’s aig an ìre seo, bha tìde aig an arm fhathast tilleadh a dh’Inbhir Nis agus an anail a leigeil astar sàbhailte air falbh. Bha argamaidean eadar na h-àrd chomanndairean - bha fiù ’s tosgaire na Frainge a’ guidhe gun tarraingeadh am Prionnsa a-mach às.

Ach chan èisteadh am Prionnsa riutha agus cho-dhùin e sabaid aig an dearbh àm san dearbh àite. Bha mòran de na saighdearan aige claoidhte às dèidh caismeachd tron oidhche, agus bha feadhainn eile air falbh a lorg biadh no fhathast gun an t-àite a ruigsinn.

Bha cuid de cheannardan nan Seumasach ag iarraidh tilleadh gu talamh àrd deas air Abhainn Narann. B’ fheàrr leis a’ Phrionnsa sabaid far an robh iad, air monadh Chùil Lodair. Le arm Chumberland dlùth, thòisich na pìobairean a’ cluich agus ghabh na saighdearan sgìth an àiteachan.

Faisg air uair feasgar, loisg làmhachas nan Seumasach air saighdearan an riaghaltais. Loisg an riaghaltas orra leis a’ chanan aca fhèin, agus thòisich Blàr Chùil Lodair.

Le fras pheilearan bho na gunnachan-mòra agus bomaichean mortair, bha cinnidhean Seumasach a’ feitheamh ri òrdan gluasad air adhart. An ceann ùine ghluais iad, tro dhroch uisge, ceò, urchraichean agus gunnachan marbhtach. Nuair a ràinig iad loidhnichean an riaghaltais, chuir cuid dhiubh suas fìor shabaid. Bha cuid eile nach do ràinig an ceann-uidhe. Bha saighdearan an riaghaltais a-nis air dòighean sabaid le bèigleidean is urchaireachd bhrùideil obrachadh a-mach an aghaidh ionnsaigh agus claidheamh-mòr nan Gàidheal. Leis na Seumasaich air am bacadh, bha aca ri teicheadh.

’S gann gun robh uair a thìde air a dhol seachad eadar na ciad pheilearan agus teicheadh deireannach arm a’ Phrionnsa. Bha Teàrlach a’ coimhead bho àite sàbhailte nuair a bhuannaich Diùc Chumberland am blàr. Ged a bha am blàr goirid a rèir slatan-tomhais Eòrpach, bha e air leth fuilteach agus dh’atharraich e beatha air a’ Ghàidhealtachd gu bràth.

An robh fhios agad?

B’ e Cùil Lodair an t-àrd chath mu dheireadh air talamh Bhreatainn agus, ann an nas lugha na uair a thìde, bha mu 1,300 marbh - còrr is 1,250 dhiubh nan Seumasaich.