CÙIL LODAIR
Mun àite seo
Làrach dhrùidhteach far an tàinig an t-Ar-a-mach Seumasach ann an 1745 gu crìch bhrònach.
- Faigh eòlas air na faireachdainnean cumhachdach aig Blàr Chùil Lodair anns an taigh-cluiche bogaidh 360-puing againn, a tha gad chur ann an cridhe a’ ghnothaich.
- Ionnsaich mu fhìor sgeulachd Ar-a-mach 1745, an dà chuid bho shealladh nan Seumasach agus bho shealladh an Riaghaltais aig an taigh-tasgaidh againn a fhuair barantachadh bho chionn goirid agus far a bheil nithean air leth bhon àm air an taisbeanadh.
- Thig air turas treòraichte den raon blàir far an seall sàr-threòraiche dhut na prìomh àiteachan far an robh gnìomh air Blàr Chùil Lodair, cho math ri bhith a’ faicinn a’ chàirn cuimhneachaidh a tha air a chuairteachadh leis na h-uaighean aig 1,500 saighdearan Seumasach.
- Faic Bothan Leanach a chaidh a thogail san 18mh linn agus a chaidh ath-nuadhachadh bho chionn ghoirid le a mhullach air a thughadh, a rinneadh le fraoch bhon raon bhlàir fhèin.
- Thoir sùil air a’ bhùth againn airson cuimhneachain gun samhail den turas agad, a’ gabhail a-steach seudraidh dèante le flùraichean à raon a’ bhlàir, dealbhan den làraich agus uisge-beatha Chùil Lodair.
Air 16 Giblean 1747, thàinig an t-Ar-a-mach Seumasach mu dheireadh gu crìch fhuilteach ann am fear de na cathan a bu dòrainniche ann an eachdraidh Bhreatainn.
Chruinnich luchd-taic nan Seumasach a bha a’ feuchainn ris a’ Mhonarcachd Stiùbhartach a thoirt air ais do Righ-chathraichean Bhreatainn an seo gus sabaid an aghaidh feachdan an riaghaltais fo Dhiùc Cumberland. B’ e seo an t-àrd chath mu dheireadh air talamh Bhreatainn agus, ann an nas lugha na uair a thìde, bha mu 1,600 marbh - 1,500 dhiubh nan Seumasach.
Tha Ionad Luchd-tadhail Chùil Lodair beòthail, air a dheagh rannsachadh agus tha e a’ toirt urram dhan àite. Tha e ri taobh a’ bhlàir-chatha agus tha nithean ann bho gach taobh anns a’ chath cho math ri taisbeanaidhean eadar-obrachail le cùl-fhiosrachadh mun chòmhstri. Tha e an dà chuid na chuimhneachan agus na iùl do latha a bha air leth cudromach ann an eachdraidh,
Prìs inntrigidh
- Adult
- £11.00
- Family
- £27.00
- One adult family
- £22.00
- Concession
- £9.50
Bàrr-phuing
What’s happening #CullodenBattlefield
Ionad air Mhàl
tha Cùil Lodair na àite fìor mhath airson tachartasan corporra agus prìobhaideach.