Open

Most of our places are now open. Find a place to visit near you.

Back to places
Innse Gall

Làrach Nàdar is Dualchas na Cruinne ann an Hiort

An t-slighe ann

Chan fhaighear gu Hiort ach air bàta.
Address Hiort na h-Eileanan Siar

Bidh grunn chompanaidhean a’ tairgsinn thursan gu Hiort - bho thuras latha gu crùs sònraichte. Gheibh thu a-mach na tha freagarrach dhut fhèin air an eadar-lìon.

Fiosrachadh conaltraidh

Fòn: 01463 732635

Uairean fosglaidh

Hiort

Prìs inntrigidh

Hiort
Adult
Free
Family
Free
One adult family
Free
Concession
Free

Buill an-asgaidh

Tha inntrigeadh an-asgaidh do na buill uile

Ballrachd bho £4.65

A’ planadh do thurais

Tha turas gu Hiort fìor shònraichte agus ma nì thu deagh ullachadh bidh fìor dheagh thuras agad. Bidh a h-uile neach-tadhail a’ tighinn a-steach dhan eilean air a’ chidhe bheag ann am Bàgh a’ Bhaile. Ma thig thu sa bhàta agad fhèin, thoir an aire gum feum thu tighinn air tìr ann an geòla fhosgailte gus nach toir thu beathaichean nach eilear ag iarraidh, leithid radain, dhan eilean. Bu chòir gum bi botam air a chur air sligean gach bàta bho chionn ghoirid agus bu chòir do shlabhraidhean agus acraichean a bhith glan. Feuch gun dèan thu cinnteach gu bheil deagh bhrògan coiseachd no bòtannan agad agus gu bheil iad air an glanadh mus tadhail thu, a’ toirt aire shònraichte do na buinn. Thoirt leat tòrr shreathan aodaich a tha blàth is uisge-dìonach. Bu chòir dhut do bhiadh is deoch fhèin a thoirt leat oir chan eil cafaidh no bùth sam bith san eilean. 

  • Fosglaidh bùth nan cuimhneachain ma thèid seo iarraidh.
  • Tha taighean-beaga poblach ann agus goc airson uisge-òil.
  • Cùm na coin, agus beathach sam bith eile agad, air bòrd a’ bhàta agad.
  • Cha bhi fònaichean làimhe ag obair ann an Hiort.
  • Feumaidh companaidhean coimeirsealta cìs landagaidh a phàigheadh. Cuir fios gu traveltrade@nts.org.uk airson barrachd fiosrachaidh.

Tha Hiort na àite fìor shònraichte agus bu toil leinn a chumail mar sin. Gus seo a dhèanamh, feumaidh tu ar cuideachadh gus nach tig droch-bhiastan is ghalairean do na h-eileanan a dhèanadh cron air a shiostam-èiceo gun samhail. Tha an dà chuid na h-eileanan agus a’ mhuir timcheall orra nan Làrach Dualchas na Cruinne. Tha fios againn gur e beathaichean gallda an cunnart as motha do shiostaman-èiceo eileanach air feadh an t-saoghail.

Seo cuid de na feachdan sònraichte ann an Hiort a dh’fhaodadh a bhith ann an cunnart:

Eòin-mhara

Tha an colanaidh as motha de dh’eòin-mhara ann an ear-thuath a’ Chuain Siar sna h-eileanan agus gu fortanach, chan eil beathaichean talmhainn ann a bhios gan sealg. Bhiodh fìor dhroch bhuaidh ann nan rachadh creachadairean a thoirt a-steach, radain is mionc gu sònraichte. Gheibhear radain gu tric air soithichean agus is urrainn dhaibh falach ann an carago agus solar, biadh gu sònraichte.

  • Na toir soithichean le cabanan dùinte faisg air a’ chidhe. Thig air tìr air  geòlachan fosgailte oir tha e nas fhasa dèanamh cinnteach nach eil radan sam bith annta.
  • Dèan cinnteach gu bheil a h-uile stòr a thèid a chur air tìr ann am bogsaichean dùinte agus gun dèanar sgrùdadh orra gus dèanamh cinnteach nach eil radain ann.

Lusan

Tha flora Hiort sònraichte ach cuibhrichte. Chan eil cuid de na lusan a tha cumanta air tìr-mòr rim faighinn ann an Hiort idir agus tha e cudromach gun a bhith a’ toirt a-steach sìol. Gu tric, thèid galaran lusan a sgaoileadh ann am poll no duilleagan marbha.

  • Sgrubaig am poll far nam bòtannan is uidheamachd agad mus tig thu air tìr ann an Hiort.

Caoraich

Tha caoraich thùsanach Shòthaigh nan cuimhneachain iongantach de chaoraich dhachaigheil bho Linn an Iarainn no fiù ’s nas tràithe. Dh’fhaodadh gun rachadh sgrios a dhèanamh air na h-àireamhan nan rachadh galar a thoirt a-steach. Thèid cuid de ghlaran a sgaoileadh tro shalachar chon.

  • Na toir coin no peataichean air tìr.

Beatha na mara

Ged nach fhaicear gu tric i, tha beatha na mara air na sgeirean agus uaimhean fon uisge timcheall Hiort iongantach. Tha mòran de sgìrean cladaich tìr-mòr na h-Alba ann an cunnart bho ghnèithean a chaidh a thoirt a-steach leithid didemnum vexillum (am brat spùt mara) agus sargassum muticum (luibhneach uèir Iapanach). Nan ruigeadh iad Hiort dh’fhaodadh iad ar beatha mara dùthchasach a mhùchadh agus a sgrios. Chan eil mòran dhòighean anns an ruig iad seo na h-eileanan iomallach, ach ghabhadh an toirt a-steach air sligean bhàtaichean, air acraichean agus ann an uisge balaiste.

Dèan cinnteach:

  • gun thèid botam a chur air slige gach soitheach a thig a Hiort gus nach bi fàs-bheart chunnartach sam bith orra.
  • gun tèid poll agus nithean eile a ghlanadh far acairean is slabhraidhean mus ruigear uisgeachan Hiort.
  • nach tèid balaist no uisge-builg a phumpadh a-mach ann an uisgeachan Hiort

Ceistean cumanta mu Hiort

Ciamar as urrainn dhomh a dhol a Hiort?

A bharrachd air a bhith nad bhall de bhuidheann-obrach Urras Nàiseanta na h-Alba, ’s e an dòigh as fheàrr a dhol a Hiort a bhith a’ cur àite air dòigh air fear de na bàtaichean a bhios a’ siubhal a-mach às na h-Eileanan an Iar, an t-Eilean Sgitheanach agus tìr-mòr. Airson fiosrachadh mu amannan is prìsean, cuir fios do na companaidhean bhàtaichean gu dìreach.

* Tha tagraidhean a-nis dùinte airson buidhnean-obrach 2019. Thèid mion-fhiosrachadh airson 2020 a phostadh san t-Samhain.

Dè cho fad ’s a tha e a’ toirt faighinn ann?

Tha an ùine a bheir an turas an crochadh air aimsir agus làn na mara, a bharrachd air an t-seòrsa bàta a chleachdar. Tha bàtaichean bho na h-Eileanan an Iar a’ toirt eadar 3 agus 6 uairean a thìde; bho thìr-mòr, dh’fhaodte gun toir e suas ri 18 uair a thìde. Uaireannan, bidh aig bàtaichean ri tionnadh air ais mar thoradh air droch aimsir.

An urrainn dhomh fuireach ann an Hiort? 

Chan eil ach aon àite-fuirich ann an an Hiort - làrach-campachaidh bheag le rùm airson sianar aig a’ char as motha. Feumar àite a chlàradh aig an àite-campachaidh ro-làimh agus faodaidh daoine fuireach ann suas ri 5 oidhcheannan.

Tha frasan is taighean-beaga co-roinnte ann agus tha cothrom air uisge òil. Thoir an àire nach eil siognal fònaichean-làimhe, Wifi no cothrom eile air an eadar-lìon ann. Chan urrainn dhuinn gealltainn gum bi dealan ann.

Chan eil bùth sam bith ann an Hiort. Feumaidh tu na tha a dhìth ort a thoirt leat, a’ gabhail a-steach stòbha còcaireachd agus am biadh air fad airson do thurais gu lèir, a bharrachd air solar a bharrachd gun fhios nach bi dàil ort.   

’S e £20 a’ chosgais a th’ againn gach neach gach oidhche airson a bhith a’ cleachdadh nan goireasan. Bu chòir dhut am maor-dùthcha a phàigheadh - seic no airgead a-mhàin. Thèid an t-airgead air fad a chosg air na h-eileanan gus cur ris an obair glèidhteachais againn.

Bidh clàraidhean airson na làraich campachaidh a’ fosgladh aig toiseach an Fhaoillich airson na bliadhna ri tighinn Cuir fios gu stkildainfo@nts.org.uk no fòn gu 01463 732635 gus faighinn a-mach mu fhaotainneachd

A bheil duine sam bith a’ fuireach ann?

Chan eil luchd-còmhnaidh maireannach ann an Hiort an-diugh. Ach tha daoine a’ fuireach ann an Hiort fad na bliadhna leis na daoine a tha ag obair air làrach nam feachdan armaichte, aig a bheil feachd-obrach a tha cha mhòr uile nan sìobhaltaich a-nis. Bidh luchd-obrach Urras Nàiseanta na h-Alba a’ fuireach san eilean bhon Ghiblean dhan t-Sultain gach bliadhna. Bidh pàrtaidhean obrach aig an Urras a’ tadhal air na h-eileanan tron t-samhradh agus bidh iomadh neach-rannsachaidh a’ cur seachad tìde ann a’ dèanamh rannsachadh air gach taobh den eachdraidh nàdarra agus cultarail aca.

Càite an ceannaich mi cairtean-puist agus cuimhneachain eile?

Tha bùth beag aig Club Hiort ann an Hiort far an urrainn dhut raon farsaing de leabhraichean, cairtean puist, aodach agus DVDan a cheannach. Gheibhear iad sin cuideachd aig ath-chruinneachadh Club Hiort air an dàrna Disathairne den t-Samhain.

Cò bh’ ann an St Kilda?

Tha an t-ainm St Kilda meallta oir cha robh naomh Kilda riamh ceangailte ris na h-eileanan. Chaidh a chleachdadh an àite Hiort (Hirte no Hirta sa Bheurla) air mapa a chaidh fhoillseachadh ann an 1540 ach bha e a’ ciallachadh eilean faisg air Leòdhas. Air mapa a rinneadh ann an 1542, chaidh a chleachdadh airson Hiort.

Dh’fhaodte gu bheil am facal a’ tighinn bhon fhacal Seann Lochlannais ‘Skildir’ a tha a’ ciallachadh sgiath, is dòcha mar thoradh air cruth nan eileanan nuair a thathar gam faicinn bho phios air falbh aig muir.

Cò a bhios a’ coimhead às dèidh nan caorach?

Nuair a dh’fhàg an sluagh, chaidh na caoraich dhubh-cheannach a thoirt far Hiort, ach tha iad fhathast ann am Boraraigh. Dà bhliadhna às dèidh sin, chaidh caoraich ùra a chur air Hiort bho eilean Shòthaigh faisg air làimh. Tha na caoraich air a bhith ann bhon uair sin, gun stiùireadh gnìomhach sam bith ann bho dhaoine, cha mhòr. Thathar air a bhith a’ rannsachadh nan caorach iongantach seo bho mheadhan nan 1950an, fo sgèith Sgioba Rannsachaidh Shòthaigh agus an uair sin mar phàirt de phròiseact rannsachaidh nas mionaidiche le Pròiseact Caoraich Shòthaigh. Gu sònraichte, tha an rannsachadh ag amas air sgrùdadh a dhèanamh air pàtranan fàs is crìonadh sna h-àireamhan agus air faighinn a-mach dè na h-adhbharan a th’ ann airson atharrachadh sam bith.

Airson barrachd fiosrachaidh mu bhith a’ planadh an turais agad, faic na ceistean cumanta againn.

Goireasan agus Ruigsinneachd

  • Cha ruigear Hiort ach a-mhàin air bàta agus geòla. Air an eilean tha uachdar nam frith-rathaidean neo-chòmhnard, mar sin tha ruigsinneachd doirbh do luchd-tadhail le duilgheadasan gluasaid agus chan eil e ga mholadh airson airson cathraichean-cuibhle.
  • Tha rathad leacaichte bhon leathad-luinge gu mullach a’ chnuic agus tha e gu math cas ann an àiteachan. 
  • Ruigear baile Hiort, far a bheil an taigh-beag suidhichte, air frith-rathad a tha neo-leacaichte agus mì-chòmhnard. 
  • Ruigear bùth nan cuimhneachan air uachdar leacaichte.

Tha prògram leantainneach againn de dheasachadh susbaint sho-ruigsinneach. Tha stiùireadh so-ruigsinneachd airson nan làraichean as mòr-chòrdte aig an Urras ri fhaighinn air duilleag na so-ruigsinneachd againn cho math ri ceanglaichean ri goireasan feumail.

Bhiomaid nad chomain nam b’ urrainn dhut tadhal air  làrach-lìn Euan’s Guide  gus lèirmheas a dhèanamh air ruigsinneachd làraichean an Urrais agus gus innse dhuinn (agus do dhaoine eile) dè tha math agus far a bheil feum againn ri dhèanamh nas fheàrr.

Taigh-beag so-ruigsinneach
Slighe fhèin-treòraichte
Taigh-beag
Slighean-coiseachd