Join

Bothan Leanach

Chaidh Bothan Leanach ath-fhosgladh ann an do luchd-tadhail ann an 2019. Chaidh a thogail tràth san 18mh linn ach chunnaic e iomadh atharrachadh bhon uair sin. Bha daoine a’ fuireach anns an taigh-tughaidh seo gu 1912 ach chaidh e a dholaidh goirid às dèidh sin.

Chaidh an taigh a sgeadachadh an uair sin agus chaidh a chleachdadh mar a’ chiad ionad airson luchd-tadhail do Raon Blàir Chùil Lodair. Tha an taigh a-nis na ionad-taisbeanaidh sealach far am faigh thu barrachd fiosrachaidh mu eachdraidh Chùil Lodair.

Tha an tughadh air a’ bhothan air a dhèanamh de fhraoch a chaidh a chruinneachadh bhon raon blàir agus a chur ri chèile le luchd-ciùird ionadail. Tha na ballachan air an dèanamh de mheasgachadh de chlach is mòine.