Open

Most of our places are now open. Find a place to visit near you.

Back to Hiort

Gnèithean agus Fiadh-bheatha gun samhail

Tha ùidh mhòr air a bhith aig daoine ann an eachdraidh nàdarra Hiort bho mheadhan an 19mh linn. Tha seo a’ leantainn an-diugh fo stiùireadh Dualchas Nàdair na h-Alba. Thòisich pròiseact rannsachaidh mu chaoraich Shòthaigh anns na 1950an agus tha e air leantainn chun an latha an-diugh agus tha suirbhidhean mòra air a bhith ann mu na h-èoin-mhara air agus timcheall air na h-eileanan.

Anns na beagan bhliadhnaichean mu dheireadh tha barrachd ùidh air a bhith aig daoine ann am beatha na mara. Le cho soilleir ’s a tha an t-uisge agus le cho iomallach ’s a tha an t-àite, tha na h-eileanan gu math tarraingeach do dhaibhearan.

Eòin-mhara

’S e Hiort an colonaidh eòin-mhara as cudromaiche san Roinn Eòrpa, agus tha e air aon de na h-àiteachan briodachaidh as motha ann an taobh tuath a’ Chuain Siar. Bidh an coileanaidh as motha san t-saoghal de shùlairean san t-saoghal a’ neadachadh ann am Boraraigh agus air na stacan mara.

Luchagan Hiortach

B’ àbhaist dà sheòrsa luchaig a bhith ann an Hiort. Bha an dà chuid nam fo-ghnè den luchag-taighe agus luchag-choille a gheibhear air tìr-mòr. Chaidh an luchag-taighe à bith às dèidh do na Hiortaich an t-eilean fhàgail ann an 1930. Tha luchag-fheòir Hiort fhathast cumanta ann an Hiort fhèin agus anns an Dùn. Bidh e mar as trice ag ithe sheilcheagan, bhiastagan, còinneach agus sìol, ach bidh e cuideachd ag ithe closaichean chaorach no eòin agus ùbhal no mìlsean eile sam bith a dh’fhàgas buill den bhuidheann obrach às an dèidh!

An Dreathan-donn Hiortach

Tha dreathan-donn Hiort na fho-ghnè den dreathan-donn a gheibhear air tìr-mòr a tha nas motha; tha e gu math tearc agus chan eil ann ach na beagan cheudan de phaidhrichean. Bha eisimpleirean de na h-eòin inbheach agus an cuid ùidhean air am faicinn gu math luachmhor agus bhiodh na Hiortaich gan cruinneachadh airson reic ri luchd-cruinneachaidh. San latha an-diugh, tha làn dìon aige ann an Hiort.

Caoraich Shòthaigh

Tha a h-uile gin de chaoraich Shòthaigh air an t-saoghal bho shliochd na feadha a lorgar air eilean Shòthaidh ann an eileanan Hiort. Tha na caoraich bheaga seo air aon de na gnèithean de chaoraich dhachaigheil as primidiche san t-saoghal agus tha e coltach nach do dh’atharraich iad idir cha mhòr fad nam mìltean de bhliadhnaichean.