Open

Most of our places are now open. Find a place to visit near you.

Back to Hiort

A’ fàgail an eilein

Air 29 Lùnastal 1930, chaidh na 36 eileanaich à Hiort a ghluasad gu tìr-mòr às dèidh iarrtas a rinn iad fhèin.

Thòisich call na fèin-seasmhachd aca mean air mhean ann am meadhan an 19mh linn nuair a bha barrachd conaltraidh ann leis an t-saoghal a-muigh. Bho 1877 thòisich an SS Dunara Castle air siubhal gu Hiort gu cunbhalach, agus cha b’ fhada gus an robh bàtaichean eile leithid an SS Hebrides a’ dol ann cuideachd. Bhiodh bàtaichean-muc agus iasgairean cuideachd ag obair ann an uisgeachan Hiort agus bhiodh iad a’ toirt solar do na h-eileanaich.

Thug Iain Ros, am maighstir-sgoile fa-near ann an 1889 gum biodh eileanaich a’ cur seachad ùine a’ dèanamh bathar airson a reic ri luchd-turais, a’ gabhail a-steach craicnean caorach, clò, miotagan fighte, stocainnean is sgarfaichean, uighean agus nithean co-cheangailte ri eun-eòlas.

Thòisich na Hiortaich a bhith an eisimeil stuthan bhon taobh a-muigh mean air mhean: biadh, connadh, stuthan togail agus àirneis airson an cuid dachaighean. Rinn 36 daoine imrich a dh’Astràilia ann an 1852 agus thòisich crìonadh an t-sluaigh. Bha na h-eileanaich a’ faireachdainn na b’iomallaiche bhon t-saoghal a-muigh agus bha dìth conaltraidh cunbhalach a’ cur orra gu sònraichte.

Ann an 1876, chaidh a’ chiad bàta-puist Hiortach a chur a-mach mar chomharra èiginn nuair a bha gort ann. Chaidh litir a sheuladh ann an soitheach fiodha le aomtroman caorach mar phuta. Às dèidh seo, chaidh tòrr de na bàtaichean-puist seo a chur dhan mhuir agus ràinig a’ mhòr-chuid aca, agus ràinig iad tìr ann an Alba no Lochlann, air an giùlan leis na sruthan gnàthach.

Ann an 1912, bha droch ghainnead bìdh ann agus ann an 1913 bhris an cnatan mòr a-mach. Thàinig buidheann nèibhidh gu Hiort rè a’ Chogaidh Mhòir cho math ri lìbhrigidhean puist agus bìdh cunbhalach bho shoithichean solair an nèibhidh. Nuair a chaidh stad a chur air na seirbheisean seo aig deireadh a’ chogaidh, bha na daoine a’ faireachdainn na b’ aonaraiche. Dh’fhàg barrachd de na daoine òga làidir an t-eilean agus bhris eaconamaidh an eilean sìos, agus aig a’ cheann thall dh’fhàg an còrr de na h-eileanaich mar thoradh air seo.