Open

Most of our places are now open. Find a place to visit near you.

Back to Hiort

Eaglais agus Taigh-tasgaidh

Tha an eaglais agus am mansa nam pàirt cudromach de dh’eachdraidh fhada Hiort, pàirt a chunnaic cruth-atharrachadh air an dòigh-beatha air leth a bha air tighinn gu bìth ann an Hiort.

Bha beatha làitheil ann an Hiort coltach ris a’ bheatha ann an àiteachan eile ann an Innse Gall - bha iad Crìosdail, b’ e a’ Ghàidhlig an cànan, bhiodh iad a’ cumail chaorach is chrodh, a’ fàs gràin agus glasraich, agus ag iasgach, ach a chionn ’s gun robh iad cho iomallach bha cuid de na cleachdaidhean aca neo-àbhaisteach. Bhon 18mh linn, chaidh ministearan no miseanaraidhean a chur do na h-eileanan gu cunbhalach, agus bha ministear a thadhail air Hiort tràth san 19mh linn den bheachd gun robh iad ‘aineolach air prìomh fhìrinnean’ Chrìosdaidheachd. Chaidh eaglais agus mansa a thogail tràth anns an 19mh linn airson a’ mhinisteir, a bha na chòmhnaidh san eilean, agus bha sgoil ann bho 1884. Tha an eaglais, am mansa agus an seòmar sgoile air an sgeadachadh gus am faic luchd-tadhail cò ris a bha iad coltach sna 1920an (stèidhichte air dealbh bho 1936).

Tha an taigh-tasgaidh, a tha suidhichte ann am fear de na taighean ath-nuadhaichte, a’ toirt sgeulachd Hiort beò - eachdraidh, nàdar agus daoine. Tha na taisbeanaidhean cuideachd a’ gabhail a-steach crèadhadaireachd, obair-aodaich, innealan àiteachais, aodach agus nithean pearsanta, uile co-cheangailte ris a’ choimhearsnachd agus ri luchd-tadhail do na h-eileanan.