See all stories
1 Mar 2017

Sgeulachdan Seumasach: Buil Chùil Lodair

Culloden batllefield
Às dèidh a bhuaidh aig Cùil Lodair, chuir Diùc Chumberland roimhe nach cuireadh na Seumasach dragh air tuilleadh.

Bha e ag iarraidh dìoghaltas: bha an t-arm aige an dùil cur às dha na Gàidheil bhorb, am Prionnsa a ghlacadh, agus tilleadh chun a' phrìomh chogaidh ann am Flandrais cho luath 's a ghabhadh. Bha e airson a bhith cinnteach nach biodh ar-a-mach eile ann.

Beagan làithean às dèidh a' bhlàir, chruinnich mu 1,500 saighdear Seumasach aig Gearasdan Ruadhainn, airson cumail a' dol leis an iomairt. Ach 's ann a thug Teàrlach an t-òrdan sgapadh agus an uair sin chaidh e fon choill. Air a shon-san, bha an t-Ar-a-mach seachad.

Gun bhacadh, chuir an riaghaltas an t-arm agus a' chabhlach aige a-mach air feadh Alba, a' peanasachadh duine sam bith a dh'fhaodadh a bhith dìleas dha na Seumasach. Bha poileasaidh 'sìtheachaidh' na Gàidhealtachd air tòiseachadh.

Tha an Druim na chaisteal Seumasach. Às dèidh a’ bhlàir, chaidh e fhèin agus a bhràthair na b’ òige Raibeart, a liostadh mar daoine “nach fhaigheadh mathanas gu bràth” ach chaidh e air ais do Chaisteal an Droma agus chaidh fhalach ann an seòmar dìomhair le a phiuthar gus nach rachadh a ghlacadh leis na Saighdearan Dearga. Chaidh an seòmar dìomhair a lorg a-rithist le àrc-eòlaichean ann an 2014.

Tha an Druim na chaisteal Seumasach. Às dèidh a’ bhlàir, chaidh e fhèin agus a bhràthair na b’ òige Raibeart, a liostadh mar daoine “nach fhaigheadh mathanas gu bràth” ach chaidh e air ais do Chaisteal an Droma agus chaidh fhalach ann an seòmar dìomhair le a phiuthar gus nach rachadh a ghlacadh leis na Saighdearan Dearga. Chaidh an seòmar dìomhair a lorg a-rithist le àrc-eòlaichean ann an 2014.

Thòisich an riaghaltas a' sgrios structairean comann-shòisealta na Gàidhealtachd. Thugadh na cumhachdan laghail air falbh bho na cinn-cinnidh agus an armachd bho luchd-cinnidh. Bha oighreachdan Seumasach air an glacadh leis a' Chrùn. Bha am fèileadh agus am breacan air an toirmeasg.

Nuair a thill e dhan Fhraing, bha an sgeulachd mun turas dàna aige agus mar a theich e air cliù a chosnadh dhan Phrionnsa Teàrlach Eideard Stiùbhart thar na h-uile san Roinn Eòrpa aig an àm sin.

Às dèidh sin chaidh cùisean na bu mhiosa dha. Chaidh fhògradh às an Fhraing ann an 1748 agus airson deich bliadhna bha e an sàs ann an cuilbheartan neo-èifeachdach. Chaochail e san Ròimh ann an 1788, le tinneas-na-dibhe, air a thrèigsinn le a bhean agus a luchd-leanmhainn.

Chaidh corp Theàrlaich a ghluasad do Eaglais Pheadair sa Bhatacan ann an 1807 far a bheil corp a bhràthair cuideachd. Tha a mhàthair agus athair air an tìodhlacadh ann cuideachd.

Chaidh corp Theàrlaich a ghluasad do Eaglais Pheadair sa Bhatacan ann an 1807 far a bheil corp a bhràthair cuideachd. Tha a mhàthair agus athair air an tìodhlacadh ann cuideachd.

Cha deach mòran na b' fheàrr dha Diùc Chumberland. Choisinn a dhol a-mach borb às dèidh Cùil Lodair dha am far-ainm 'Bùidsear' ach lean an ath iomairt cogaidh aige gu call agus gèilleadh. Chaochail e ann an 1765.

Cultar na Gàidhealtachd

Fada ro Chùil Lodair, bha Gàidheil an Alba a' dol tro atharrachaidhean mòra sòisealta agus eaconamach. Ach bha seo air a luathachadh às dèidh a' chall dhòrainnich aig Cùil Lodair. Bha ceuman laghail agus poileataigeach anns às dèidh a' bhlàir gus na Gàidheil a chumail sìos . Thug an t-Ar-a-mach an t-àite agus an sluagh gu aire an riaghaltais.

Airson cuid, thug na h-atharrachaidhean mòra sin cothroman eile airson prothaid ann an Ìompaireachd Bhreatainn. Chaidh cuid eile còmhla ri arm Bhreatainn. Bha mòran a bha roimhe nan Seumasaich a' sabaid còmhla ri Loudon ann an Ceann a Tuath Amaireagaidh ann an Cogadh nan Seachd Bliadhna agus, anns na 1770an, dha Rìgh Deòrsa ann an Cogaidhean Neo-eisimeileachd Aimearagaidh.

Ach, dha cuid eile, dh'fhàg sgrios cultair agus dòighean-beatha na Gàidhlig iad mì-chinnteach agus mì-dhòchasach.