See all stories
1 Mar 2017

Sgeulachdan Seumasach: Blàr Chùil Lodair

Battle of Culloden
CChaidh cùrsa eachdraidh Bhreatainn, na h-Eòrpa agus an t-saoghail atharrachadh an seo aig Cùil Lodair air 16 Giblean 1746.

B' ann an seo a chuir arm nan Seumasach cath gus righ-chathair Bhreatainn a thoirt bho na Hanobharaich agus air ais do rìgh Stiùbhartach.

Anns an earrach 1746 bha mòran de na saighdearan Seumasach fhathast fada bho Inbhir Nis agus chaidh iarraidh orra a thighinn còmhla ri arm a' Phrionnsa gun dàil. Bha arm nan Seumasach air fannachadh - bha iad gann de bhiadh agus airgead agus saighdearan. Bha mòran de na comandairean cinnteach nach toireadh iad buaidh san staid seo.

Choisich saighdearan Chumberland bho Obar Dheathain ann an deagh òrdugh. Bha iad a' tighinn nas fhaisge air arm nan Seumasach airson a' bhlàir a bu chudromaiche. Bha deagh mhisneachd aca a' campachadh aig Inbhir Narann air 15 Giblean - an latha a bha Cumberland 25 bliadhna a dh'aois.

Choisich saighdearan Chumberland bho Obar Dheathain ann an deagh òrdugh. Bha iad a' tighinn nas fhaisge air arm nan Seumasach airson a' bhlàir a bu chudromaiche. Bha deagh mhisneachd aca a' campachadh aig Inbhir Narann air 15 Giblean - an latha a bha Cumberland 25 bliadhna a dh'aois.

Ged nach do ghabh Alasdair, 19mh Brothaidh den t-Sliochd sin (a bha na Hanobharach), pàirt ghnìomhach ann am Blàr Chùl Lodair, a rèir eachdraidh an teaghlaich, champaich saighdearan riaghaltais anns a’ choille air cùlaibh Caisteal Bhrothaidh, ann an sgìre air a bheil  coille a’ 45 san latha an-diugh.

Air sgàth cho lag 's a bha iad agus an èiginn san robh iad, an àite an cath a bha iad an dùil a chur dh'aontaich na Seumasaich plana deireannach: ionnsaigh tron oidhche gun fhios. Dh'fhaodadh mèarrsadh tron oidhche agus ionnsaigh air campa an nàmhaid a bhith na ro-innleachd shoirbheachail. Nam biodh na saighdearan dearga nan cadal cha bhiodh eagal dha na Seumasaich. Ach, bha arm nan Seumasach a' call an casan san dorchadas, bha adhartas ro shlaodach agus bha aca ri tionndadh air ais.

Aig briseadh an latha, cha robh cinnt fhathast gum biodh sabaid ann. Bha tìde aig an arm fhathast tilleadh a dh'Inbhir Nis agus leigeil an anail astar sàbhailte air falbh. Bha argamaidean eadar na h-àrd chomandairean - bha eadhon tosgaire na Frainge a' guidhe gun tarraingeadh am Prionnsa a-mach às.

Ach chan èisteadh am Prionnsa riutha agus dh'iarr e sabaid an uair sin fhèin. Bha mòran de na saighdearan aige nan cadal, claoidhte às dèidh mèarrsadh tron oidhche, agus bha feadhainn eile air falbh a lorg biadh no fhathast gun an àite a ruigsinn.

Bha cuid de cheannardan nan Seumasach ag iarraidh tilleadh gu talamh àrd deas air Abhainn Narainn. B' fheàrr leis a' Phrionnsa sabaid far an robh iad, air monadh Chùil Lodair. Le arm Chumberland dlùth, , thòisich na pìobairean a' cluich agus sgìth 's mar a bha iad ghabh na saighdearan an àiteachan.

Faisg air uair feasgar, loisg làmhachas nan Seumasach air saighdearan an riaghaltais. Loisg an riaghaltas orra leis a' chanan aca fhèin, agus thòisich Blàr Chùil Lodair.

Le fras pheilearan bho na gunnachan-mòra agus bomaichean mortair, bha cinnidhean nan Seumasach a' feitheamh ri òrdan gluasad air adhart. An ceann ùine ghluais iad, tro droch uisge, ceò, urchraichean agus gunnachan marbhtach. Nuair a ràinig iad loidhnichean an riaghaltais, chuir cuid dhiubh suas fìor shabaid. Bha cuid eile nach do ràinig an ceann-uidhe. Bha saighdearan an riaghaltais a-nis air dòighean sabaid le bèigleidean is urchaireachd bhrùideil obrachadh a-mach an aghaidh ionnsaigh agus claidheamh-mòr nan Gàidheal. Leis na Seumasaich air am bacadh, bha aca ri teicheadh.

 B’ e Cùil Lodair an t-àrd chath mu dheireadh air talamh Bhreatainn agus, ann an nas lugha na uair a thìde, bha mu 1,300 marbh - còrr is 1,000 dhiubh nan Seumasach.

 B’ e Cùil Lodair an t-àrd chath mu dheireadh air talamh Bhreatainn agus, ann an nas lugha na uair a thìde, bha mu 1,300 marbh - còrr is 1,000 dhiubh nan Seumasach.

'S gann gun robh uair a thìde air a dhol seachad eadar a' chiad pheilearan agus teicheadh deireannach arm a' Phrionnsa. Ged nach robh am blàr fada a rèir ìrean Eòrpach, bha e air leth fuilteach agus dh'atharraich e beatha air a' Ghàidhealtachd gu bràth.