Open

Most of our places are now open. Find a place to visit near you.

Back to Hiort

Buidhnean obrach

Buidhnean obrach Hiort 2020

Tha sinn a-nis a’ gabhail ri iarrtasan airson saor-thoilich air Pàrtaidhean-obrach Glèidhteachais ann an Hiort airson seasan 2020.

Is urrainn dhut  Foirmean iarrtais agusNòtaichean Stiùiridh a luchdadh a-nuas an seo. 

Bu chòir iarrtasan a thilleadh ro 20 Faoilleach 2020.

Is urrainn dhut fios a chur gu Co-òrdanaiche Pàrtaidh-obrach Hiort air 01463 732635.

Ceann-làithean is cosgaisean 

Pàrtaidh-obrach 1: 22 Cèitean–1 Ògmhios 2020 £855 (a’ gabhail a-steach VAT) 

Pàrtaidh-obrach 2: 1 Ògmhios -10 Ògmhios 2020 £805 (a’ gabhail a-steach VAT) 

Pàrtaidh-obrach 3: 10 Ògmhios -19 Ògmhios 2020 £805 (a’ gabhail a-steach VAT) 

Bidh na pàrtaidhean-obrach uile a’ fàgail bhon Tòb, Na Hearadh, anns na h-Eileanan Siar. 

Dè tha air a ghabhail a-steach sa phris: tha na prìsean airson gach duine agus tha iad a’ gabhail a-steach: 

  • an t-àite-fuirich agus biadh air Hiort 
  • a’ siubhal gu Hiort agus air ais air bàta 
  • àite-fuirich anns na Hearadh an oidhche mus fhalbh thu agus nuair a thilleas tu 
  • bracaist air an latha a dh’fhalbhas tu 

Dè nach eil air a ghabhail a-steach: 

  • a bhith a’ siubhail dhan Tòb 
  • biadh anns na Hearadh ach a-mhàin far an deach sin a shònrachadh 
  • deochan agus cosgaisean phearsanta eile 
  • àrachas airson siubhal bhon dachaigh agad dhan Tòb agus air ais – tha sinn a’ moladh gum faigh thu àrachas siubhail 

Cuiridh sinn fios do thagraichean soirbheachail ann an sgrìobhadh ro dheireadh a’ Ghearrain 2020. Cuiridh sinn fios do thagraichean nach robh soirbheachail ma tha iad air seòladh puist-d a thoirt dhuinn.