Back to places
The Highlands

Cùil Lodair

Làrach dhrùidhteach far an tàinig an t-Ar-a-mach Seumasach ann an 1745 gu crìch bhrònach

Things to do

​Tursan fèin-treòraichte

Tha rudeigin aig Cùil Lodair airson na h-uile – chan fheum thu a bhith nad eòlaiche air eachdraidh gus tlachd a ghabhail à turas dhan làraich. Gabh cuairt air a' bhlàr-catha  drùidhteach is air lìonra nan slighean-coiseachd againn agus thoir sùil air an taisbeanadh eadar-obrachail againn.

Tursan treòraichte

uir turas treòraichte prìobhaideach air dòigh. Tha Iùilean-claisneachd rim faighinn sa Ghàidhlig, san Fhraingis, san Eadailtis, san Duidsis, sa Ghearmailtis agus san Spàinnis. Tha iùl ann do theaghlaichean cuideachd.

Eachdraidh bheò

Gabh pàirt ann an taisbeanaidhean is tursan Eachdraidh Bheò cunbhalach a tha a' coimhead air beatha aig àm a' bhlàir.

Faigh Ionad air Mhàl

Cleachd na goireasan sònraichte againn airson coinneamhan, taisbeanaidhean, seiminearan, bogaidhean agus cuirmean.