Join
See all stories
1 Mar 2017

Sgeulachdan Seumasach: Ro Chùil Lodair

Battle of Culloden
Bho na 1630an bha poileataigs agus creideamh ann am Breatann ann an ùpraid. Bha cogadh sìobhalta daonnan a' bagairt agus Alba, Èirinn agus Sasainn a' strì ri dòigh a lorg air a bhith rèidh ri chèile.
'S e na Seumasaich an t-ainm a bh' air an luchd-taic air Rìgh Seumas VII, no na Jacobites anns a' Bheurla, bhon Ladainn ‘Jacobus’, a' ciallachadh Seumas.

'S e na Seumasaich an t-ainm a bh' air an luchd-taic air Rìgh Seumas VII, no na Jacobites anns a' Bheurla, bhon Ladainn ‘Jacobus’, a' ciallachadh Seumas.

Ann an 1688 bha na sgaraidhean cho domhainn 's gum b' fheudar dhan rìgh, Seumas VII na h-Alba agus II Shasainn, Caitligeach agus Stiùbhartach, teicheadh dhan Fhraing. Thug pàrlamaid Shasainn agus pàrlamaid na h-Alba cuireadh dhan Phròstanach Uilleam Orains agus a bhean Màiri a thighinn às an Roinn Eòrpa a riaghladh na àite. Anns an aimhreit bhun-reachdail, dh'aontaich pàrlamaid na h-Alba gur e an eaglais Chlèireach creideamh na stàite an Alba, a' cur às dhan eaglais Easbaigich Phròstanach a bha stèidhichte roimhe.

Dh’èirich neach-taic dealasach aig Seumas, 1mh Biocas Dhùn Dè, an aghaidh arm Uilleim is Màiri agus rinn e a’ chùis orra aig Blàr Raon Ruairidh (Blàr Choille Chnagaidh) ann an 1689.

Dh’èirich neach-taic dealasach aig Seumas, 1mh Biocas Dhùn Dè, an aghaidh arm Uilleim is Màiri agus rinn e a’ chùis orra aig Blàr Raon Ruairidh (Blàr Choille Chnagaidh) ann an 1689.

Bha staid eaconamach agus phoileataigeach na h-Alba neo-chinnteach. B' èiginn dhan phàrlamaid gabhail ri Achd an Aonaidh ann an 1707, a thug pàrlamaidean Alba agus Shasainn còmhla. Bha trì ceistean a-nis a' cruthachadh sgaradh ann an Alba: an t-Aonadh, ath-aiseag nan Stiùbhartach agus dè am prìomh chreideamh Pròstanach a bhiodh aig Alba.

Aig 1745, bha pàrtaidh poileataigeach nan Cuigseach air a bhith a' riaghladh Bhreatainn airson còrr air 30 bliadhna. Bha iad an aghaidh làn-mhonarcachd den t-seòrsa a bha na Stiùbhartaich ag iarraidh. An àite sin, bha iad ag iarraidh co-chothrom a' chumhachd eadar rìgh agus pàrlamaid - mar a bha e fo na Hanobharaich. B' e Pròstanaich a bha annta - ach bha mòran Pròstanaich air taobh nan Seumasach cuideachd.

Ach, bha sabaid phoileataigeach nam measg fhèin, casaidean coirbeachd agus trioblaidean armailteach thall thairis a' ciallachadh nach robh an riaghaltas ann an suidheachadh làidir aig àm ar-a-mach 1745 agus cha robh dùil aige ri Ar-a-mach nan Seumasach. Bha cunnart air fàs bho 1740 gum biodh cogadh anns an Roinn Eòrpa. Gus tuilleadh sgaraidh a dhèanamh ann am am Breatann, bha buidhnean ann an riaghaltas na Frainge air cuilbheart nan Seumasach a bhrosnachadh. Gun taic bhon Roinn Eòrpa, bha na Seumasaich cinnteach nach fhaigheadh iad an rìgh-chathair air ais a-chaoidh do mhac an Rìgh fhògarrach Seumas VII, Tèarlach Èideard Stiùbhart.

Air 11 Cèitean 1745 aig Fontenoy a tha sa Bheilg san latha an-diugh, thug an Fhraing buaidh air feachdan Bhreatainn fo Dhiùc Chumberland (mac Rìgh Sheòrais II). Le arm Bhreatainn air call ghabh Prionnsa Teàrlach Eideard Stiùbhart an cothrom air ar-a-mach co-òrdanaichte agus ionnsaigh air Breatann.

Am Prionnsa a’ ruigsinn Alba

Dh'fhàg am Prionnsa an Fhraing air 5 Iuchar le saighdearan agus armachd iomchaidh airson an iomairt aige a thòiseachadh ach chaidh ionnsaigh a thoirt air dà de na longan aige agus bha aca ri tilleadh dhan Fhraing. Ràinig Teàrlach a' Ghàidhealtachd ach 's gann gun robh leth-dusan saighdear aige - droch thòiseachadh. Ach, le gealltanas gun tigeadh cuideachadh bhon Fhraing, thug Teàrlach air ceannardan ionadail taic a thoirt dhan adhbhar aige. Chur Teàrlach suas bratach athair aig Gleann Fhionnainn, chruinnich an t-arm agus thòisich Ar-a-mach nan Seumasach.

Tha Carragh-chuimhne Ghleann Fhionnainn aig ceann Loch Seile. Tha Gàidheal air a bheil fèileadh na sheasamh leis fhèin air mullach a’ chuilbh a tha 18m a dh’àirde a’ coimhead a-mach air an talamh. Tha seo a’ comharrachadh nan Seumasach a shabaid agus a chaidh a mharbhadh rè Ar-a-mach 45.

Tha Carragh-chuimhne Ghleann Fhionnainn aig ceann Loch Seile. Tha Gàidheal air a bheil fèileadh na sheasamh leis fhèin air mullach a’ chuilbh a tha 18m a dh’àirde a’ coimhead a-mach air an talamh. Tha seo a’ comharrachadh nan Seumasach a shabaid agus a chaidh a mharbhadh rè Ar-a-mach 45.

Beagan air seachdain às dèidh sin, bha na fathannan gun robh am Prionnsa air a tighinn air an dearbhadh. Ach bha an riaghaltas cinnteach gun casgadh Sir Iain Cope, comandair nam feachd an Alba, am buaireadh, le lìonra ùr nan gearastan agus nan rathaidean air a' Ghàidhealtachd.

Ach an ceann beagan is mìos bhiodh Dùn Èideann ann an làmhan nan Seumasach, agus feachdan Cope a' call aig Prestonpans.

A’ chaismeachd gu deas gu Derby

Aig comhairle-chogaidh an Dùn Èideann, dh'fheumadh na Seumasaich co-dhùnadh ro-chudromach a dhèanamh. Dh'fhaodadh iad fuireach an Alba gus an greim air an dùthaich a neartachadh. Dh'fhaodadh iad mèarrsadh deas gu Sasainn, agus dèanamh air Lunnainn. Bhrosnaicheadh seo Seumasaich Shasainn gu ar-a-mach agus an uair sin, 's cinnteach, thigeadh ionnsaigh bho na Frangaich mar a gheall am Prionnsa. Chaidh iad le beachdan a' Phrionnsa agus cho-dhùin iad caismeachd gu deas.

Ghairm an riaghaltas comhairle-chogaidh cuideachd às dèidh a' chall aig Prestonpans. Cho-dhùin e gum biodh dà arm ann. Bha aon dhiubh fo Field Marshal Wade anns an ear-thuath faisg air a' Chaisteal Nuadh. Bha am fear eile suidhichte ann an Chester gus an taobh an iar a dhìon.

Ràinig arm nan Seumasach Derby, dìreach 125 mìle bho Lunnainn, air 4 Dùbhlachd. Bha bancaichean agus gnìomhachasan ann an Lunnainn a' gabhail an eagail. Ach bha oifigearan nan Seumasach glè mhì-chinnteach, gu h-àraidh am Morair Seòras Moireach.

Bha esan den bheachd gum biodh e amaideach cumail a' dol. Bha dà arm an riaghaltais air an cùlaibh agus 's dòcha treas feachd a' dìon Lunnainn. Cha robh mòran taic aca bho Sheumasaich an Sasann agus cha tàinig an cuideachadh a chaidh a ghealltainn às an Fhraing. Aig coinneamhan fheargach air 5 Dùbhlachd, bha àrd-chomandairean a' Phrionnsa a' cur teagamh na chomas mar cheannard. Mu dheireadh, cho-dhùin iad tionndadh agus tilleadh a dh'Alba. Dè nam biodh iad air cumail a' dol? Dè nam biodh fios aca gun robh cabhlach Frangach aig an àm sin fhèin ag ullachadh airson a thighinn tarsainn a' Chaolais?

A’ tilleadh a dh’Alba agus Blàr na h-Eaglaise Brice

Ged a bha e a' tilleadh, bha feachd nan Seumasach làidir gu leòr fhathast. Bha saighdearan an riaghaltais fo Dhiùc Chumberland dìreach air cùl nan Seumasach, ach a' cluinntinn fhathannan mu ionnsaigh nam Frangach thill an Diùc agus an t-arm aige chun a' chosta a deas airson greis.

Nuair a thill iad a dh'Alba, rinn na Seumasaich a' chùis air feachdan an riaghaltais anns an Eaglais Bhric air 17 Faoilleach 1746. Ach anns an ùpraid às dèidh a' bhlàir, cha do rinn na Seumasaich adhartas. An aghaidh toil a' Phrionnsa, thàinig iad chun a' cho-dhùnaidh tilleadh nas fhaide tuath dhan Ghàidhealtachd. Gheibheadh iad an neart air ais thar mìosan a' gheamhraidh agus thòisicheadh iomairt nan Seumasach a-rithist as t-earrach. A' cluinntinn gun do chaill an riaghaltas aig an Eaglais Bhreac, chaidh Cumberland gu tuath gu luath gus cùisean a ghabhail os làimh.

Faisg air deireadh a' gheamhraidh fhada fhuar, bha ceum ùr san Ar-a-mach a' tòiseachadh. Bha feachdan às gach arm a' sabaid air feadh na Gàidhealtachd agus san ear-thuath.

Bha na Seumasaich ag iarraidh ionadan cogaidh an riaghaltais a ghlacadh. Ghlèidh an riaghaltas an Gearastan ach chaill e Gearastan Dheòrsa agus Cille Chuimein. Ach, gann de shaighdearan, bha e a' fàs na bu dorra dha na Seumasaich na loidhnichean solair aca fhèin a chumail fosgailte. Bha an arm a-nis sgapte air feadh na Gàidhealtachd.

Aig toiseach an earraich, ghluais an dà thaobh na b' fhaisge air a chèile. Ghlac arm nan Seumasach Inbhir Nis aig deireadh a' Ghearrain; aig toiseach a' Ghiblein thòisich feachdan Chumberland a' gluasad chun an iar bho Obar Dheathain.

Nuair a bha na saighdearan Hanobharach a’ caismeachd tro Fhìobhaidh, thuirt Diùc Cumberland ris a’ Bhaintighearna Anna Ghòrdan, (piuthair a’ Mhorair Lewis Gòrdan a bha na phrìomh Sheumasach) "Tha mi dìreach an dòchas gum bi do mhac cho dìleas ri Taigh Hanobhair aon latha sa tha do bhràthar air a bhith do Thaigh nan Stiùbhartach".

Nuair a bha na saighdearan Hanobharach a’ caismeachd tro Fhìobhaidh, thuirt Diùc Cumberland ris a’ Bhaintighearna Anna Ghòrdan, (piuthair a’ Mhorair Lewis Gòrdan a bha na phrìomh Sheumasach) "Tha mi dìreach an dòchas gum bi do mhac cho dìleas ri Taigh Hanobhair aon latha sa tha do bhràthar air a bhith do Thaigh nan Stiùbhartach".

Ach, bha ùine agus airgead a' Phrionnsa a' ruith a-mach.