Site maintenance

Due to essential site maintenance, we expect the website to be unavailable between 6am and 9am on Wednesday 24 April. We apologise for any inconvenience this may cause.

Join
See all stories
1 Mar 2017

Sgeulachdan Seumasach: Cùil Lodair an-diugh

Culloden battlefield
B' e Cùil Lodair am blàr làmh-ri-làimh mu dheireadh air talamh Bhreatainn. Pàirt de chòmhstri creideimh agus poileataigs nas motha san Roinn Eòrpa, dh'atharraich am blàr goirid ach fuilteach cùrsa eachdraidh.

Bho mheadhan na naoidheamh linn deug tha daoine à Alba agus air feadh an t-saoghail air a bhith a' tighinn chun an raon-catha. 'S e cuid dhiubh sliochd nan saighdearan a bha a' sabaid ann. B' e an sgeulachd iongantach a tharraing cuid eile. Le rannsachadh arc-eòlach agus eadar-mhìneachadh eachdraidheil ùr, chan eil crìoch air sgeulachd Chùil Lodair fhathast.

An Càrn Cuimhne (The Memorial Cairn)

'S dòcha gur e as follaisiche air an raon-catha an càrn a thog Donnchadh Foirbeis ann an 1881 agus a tha 6m a dh'àirde.

Uaighean nan cinnidhean (Graves of the clans)

Nan laighe air gach taobh den rathad a chaidh a thogail tron raon-catha ann an 1835 tha ainmean nan cinnidhean air na clachan-uaighe sin. Chaidh an cur suas le Donnchadh Foirbeis ann an 1881 a' comharrachadh far an deach na saighdearan a thiodhlacadh, cuid dhiubh aithnichte dha sluagh an àite a dh'adhlaic iad. Dh'aithnichear iad air bràiste a' chinnidh aca, faillean a bhiodh aca nam bonaid.

Raon nan Sasannach (Field of the English)

Cha deach an dearbh làrach de dh'uaighean no thrannsaichean taobh an riaghaltais a chlàradh a riamh. Bha feachdan an Riaghaltais a' gabhail a-steach trì rèiseamaidean saighdearan coise Albannach agus mar sin dh'fhaodadh nach biodh am facal 'Sasannach' buileach iomchaidh. Tha Clach nan Sasannach air taobh an iar seann bhothan Leanach.

Tobar nam Marbh (Well of the dead)

Iar air Raon nan Sasannach tha a' chlach seo a' comharrachadh an àite far an do thuit Alasdair MacIllebhrath Dhùn Mac Glais a bha air ceann Clann Chatain.

Clach Chumberland (Cumberland stone)

Thathar a' cumail a-mach gun robh a' chlach mhòr seo ann an ceann an ear na faiche a' comharrachadh an àite bhon robh Diùc Chumberland a' stiùireadh a' bhlàir.

Seann taigh Leanach (Old Leanach cottage)

Tha seann taigh-tuathanais Leanach air fhàgail bho àm a' bhlàir agus chaidh a chàradh iomadh uair. 'S e mullach tughaidh a tha air, ceàird traidiseanta Gàidhealach.

Staran Chùil Lodair (The Culloden Walk)

Chaidh Staran Chùil Lodair a chruchachadh gus airgead a thogail airson ionad luchd-tadhail ùr an Urrais Nàiseanta. Tha còrr is 1,200 clachan ann, air an dèanamh den chloich as fheàrr à Gallaibh ann an ceann a tuath na h-Alba. Tha gach clach air a ghràbhaladh agus air a chrìochnachadh le làimh le teachdarachd air gus cinn-bliadhna, tachartasan sònraichte no caraidean/càirdean a chomharrachadh. Bu toil leinn taing a thoirt dhan a h-uile duinea chuidich sinn leis a' phròiseact seo.